Bun-bheachdan Gàidhlig

Seo liosta de bhriathran is bun-bheachdan Gàidhlig – aithnichte do chuid, neo-aithnichte do chuid eile – a tha air a bhith feumail dhuinn ’s sinn ris an obair seo.

A’ Ghàidhealtachd

/əˈɣɛː.əLdəxg/

noun. 1 The Highlands 2 (Irish) Gaeltacht

’S beag an ciall a tha san fhacal Bheurla Highlands; chan eil a h-uile pìos dheth àrd sa chiad dol a-mach.

Air an làimh eile, tha am briathar Ghàidhlig don aon àite,‘Gàidhealtachd’, a’ ciallachadh ‘tìr nan Gàidheal’, is Gàidheal a ciallachadh duine le Gàidhlig – agus anns a’ bhad tha sluagh le cànan, cultar is fearann ri lorg ann, a h-uile fear dhiubh air sgùabadh às leis a’ bhriathar Bheurla.

Bheir sinn ùine a’ bruidhinn is a’ cnuasachadh air an dà fhacal seo, còmhla ris na daoine eile an sàs ann am Feàrna, agus ’s e còmhradh luachmhor a bhios ann an-còmhnaidh.

Do dhaoine às a’ Ghàidhealtachd, bheir sin aire air an dualchas is an cultar, agus cead dhaibh a bhith gan aithneachadh fhèin san dòigh sin, ma thogras iad.

Do dhaoine nach eil às a’ Ghàidhealtachd, bheir e dhaibh sealladh eile air an tìr anns a bheil iad a’ fuireach no ag obair; sealladh a tha uaireanan doirbh ri fhaicinn bho thaobh a-muigh; sealladh a chuireas luach ann an daoine, dualchas, cultar is cànan, agus chan ann an topografaidh no scenery a-mhàin.

Dùthchas

/duːxəs/

noun. 1 Place of birth 2 Heredity 3 Birth-tie 4 Sense of place

Tha an ath fhacal seo co-cheangailte ris a’ chiad fhear. Tha dùthchas ri lorg am broinn an fhacail ‘Gàidhealtachd’: dàimh cho-chèileach, thar-ghinealach ris an tìr.

’S cinnteach gum bi daoine air feadh an t-saoghail bho dhiofar chultaran eòlach air faireachdainn coltach ri dùthchas, ach tha rudeigin brìgheil ri thuigsinn leis gu bheil facal sònraichte againn dhi sa Ghàidhlig.

Tha an t-àite agus na daoine às a bheil sinn a’ tighinn fighte fuaighte le chèile, mar a tha e ann an iomadh cultar tùsanach.

Dh’fhaodadh an tuigse a tha seo a bhith cudromach cuideachd do dhaoine ag obair air iomairtean tìre, a leithid coilltean no urrasan coimhearsnachd; tha e ag innse dhuinn rudeigin mun ìre de chùram a dh’fhaodadh a bhith a dhìth.

Furan

/furan/

noun. 1 (act of) inviting, welcoming 2 welcome 3 (act of) being hospitable 4 hospitality

Dh’fhaodadh do dhùthchas a chur beagan dragh air cuid, leis cho mòr ’s a tha e mu dheidhinn freumhan is sinnsearan, is eagal ’s gum bi daoine a’ faireachdainn air an glasadh a-mach à cultar nan Gàidheal no gun fhàilte ann an coimhearsnachd mura bi na freumhan sin aca.

Ach tha a’ bheachd eile seo, furan, a tha aig cridhe cultar na Gàidhlig cuideachd, a tha a’ toirt co-chothrom ri dùthchas, le bhith a’ cur prìomhachas air a bhith fosgailte agus fialaidh do dhaoine, gu sònraichte aoighean bho thaobh a-muigh na coimhearsnachd. Agus dh’fhaodadh gu bheil dùthchas a’ dèanamh seo na treasa an àite ga lagachadh;

ma tha sinn cofhurtail nar dearbh-aithnean fhèin, a bheil e nas fhasa fàilte a chur air daoine eile?

Cha leig sinn leas mìneachadh cho cudromach ’s a tha fàilte is furan (is tì is fuine) do phròiseactan coimhearsnachd sa Ghàidhealtachd (no ann an sgìre sam bith), ach tha e cudromach cuideachd a bhith faiceilleach a thaobh cò tha a’ faighinn an cothrom a bhith na neach-aoigheachd.

Tha spèis agus cùmhachd co-cheangailte ris an dreuchd seo, agus mas e cuideigin ùr bho thaobh a-muigh na coimhearsnachd (mar a bhios gu tric) a tha air an dreuchd a ghabhail agus a’ feuchainn ri fàilte a chur air muinntir an àite fhèin, dh’fhaodadh sin tighinn thairis mar dhìmeas, no co-dhiù doille, air an dùthchas agus an cultar a tha ann mar thà.

Cèilidh

/kʲeːlɪ/

noun. 1 Ceilidh 2 Visit 3 (act of) visiting

Ged a thathar ga chleachdadh sa Bheurla airson dannsa, rud a nìthear aig bainnsean, tha cèilidh a’ ciallachadh daoine a’ tighinn còmhla.

Aig na cèilidhean taighe tradaiseanta, gheibheadh tu òrain, bàrdachd agus seanchas, còmhla ri còmhradh is deasbad, cho math ri obair a ghabhadh a dhèanamh a-staigh a leithid càradh clèibh no figheadh ròpa.

Ghabhadh a h-uile duine òran no innseadh iad sgeulachd; cha robh sgaradh ann eadar ‘luchd-ealain’ agus daoine eile.

Agus bha àite ann an-còmhnaidh do choigrich, a rachadh am biathadh agus bhom faigheadh càch òran no sgeulachd cuideachd.

Tha a’ chèilidh, leis a com-pàirteachas iomlanach seo, a chuireas luach air na chuireas gach neach ris a’ chèilidh, agus a chuireas fàilte air coigrich, na dòigh mhath gus daoine a thoirt còmhla air pròiseactan coimhearsnachd, cho fad ’s a bheir sinn aire air dè mar a thèid a lìbhrigeadh, agus cò a tha na bean no fear an taighe.

Brìgh

/brʲiː/

noun. 1 essence, gist, matter, pith, substance 2 meaning, sense, significance 3 point (of an argument) 4 energy, force 5 juice

Tha am facal brìgh ag innse dhuinn rudeigin mun aesthetic Gàidhealach, anns a bheil ciall na rud as cudromaiche, seach cho brèagha ’s a tha e.

Tha ‘brìgh’ nas motha is nas fharsainn na beauty, agus nas fhaisge air an dòigh anns an tèid luach a chur ann an ealain coimhearsnachd.

An sin, tha na dàimhean eadar-phearsanta, na dòighean obrach, na còmhraidhean, na cothroman ionnsachaidh, na rudan nach fhaic daoine, a cheart cho cudromach ris a’ phìos ealain a gheibhear aig a’ cheann thall.

’S toil leinn cuideachd an dòigh anns a bheil am facal brìgh, leis a chiall co-chenagailte ri sùgh, a’ dèanamh dàimh eadar ealain is lusan no craobhan; tha sin ag ràdh gun urrainn do rudan brèagha anns a bheil ciall ar biadhachadh is àrachadh.

Bidh an làrach-lìn seo a’ cleachdadh briosgaidean bunaiteach gus obrachadh gu ceart. Gheibhear mion-fhiosrachadh anns a’ “Privacy Policy” againn.