Facal-toisich

Is Feàrna an t-ainm air obair chunbhalach ann am Muile ag amas air tuigse a neartachadh agus dàimhean a lorg eadar Gàidheil agus daoine le dualchas eile a tha a’ fuireach air an eilean.

Le Gàidheil, tha sinn a’ ciallachadh cuideachd daoine aig nach eil a’ Ghàidhlig an-diugh ach aig a bheil sinnsearan aig an robh i, agus aig a bheil fhathast eòlas cultarach agus sealladh sònraichte – dòighean smaoineachaidh, seallaidhean, cleachdaidhean agus gnàthasan.

Thàinig Feàrna bho aithneachadh nach eil daoine gu tric a’ tuigsinn, no fiù ’s a’ faicinn, an cultar Gàidhlig nas fharsainn seo, agus air sàilleibh sin, dh’fhaodadh Gàidheil a bhith air an cur air iomall agus sin a’ cur ri crìonadh a’ chultair.

Tha an obair ag amas air a’ chothrom a cheartachadh, le bhith a’ roinneadh eòlas, a’ neartachadh dàimhean agus a’ lorg dòighean nas fhosgailte gus obrachadh le ar coimhearsnachdan eadar-mheasgte.

Bidh an làrach-lìn seo a’ cleachdadh briosgaidean bunaiteach gus obrachadh gu ceart. Gheibhear mion-fhiosrachadh anns a’ “Privacy Policy” againn.